Sep. 10th, 2008 09:48 pm
Each a' Mhinisteir
Bha ministeir ann a shiod trup agus cheannaich e each o cheard agus bha 'ministeir a' foighneachd dhe'n cheard: "De seorsa beothach a th'ann?"
"Leor" ors an ceard, "beothach laidir. Sin agad beothach math."
"Tha thu cinndeach", ors a' ministeir, ors esan, "gu bheil e laidir?"
"Leor", ors an ceard, ors esan, "tha e cho laidir", ors esan, "'s gu slaodadh e", ors esan, "an Diabhal."
Agus cheannaich a' ministeir an t-each, agus, an ceann latha na dha as deaghaidh sin dh'fhalbh a' ministeir 's bheairtich e 'n t-each a....ann an gige beag a bh'aige, agus thadhail e air an t-sagart. "Tha mi air beothach eich a cheannach a seo", ors a' ministeir, agus thuirt e ris an t-sagart: "Thugainn", ors esan, "an gabh sinn", ors esan, "cuairt"."
Dh'fhalbh a' sagart comhla ris 's am beothach aca, direach, 's bha iad a seo a' direadh bruthach mor mor agus thoisich an t-each air toir fairis. Thug an t-each fairis, agus co thachair orr' ach an ceard agus: "Tha", ors a' ministeir, "am beothach tha seo", ors esan, "air toirt fairis", ors esan, "agus chan eil", ors esan, "luth idir ann. Nach tuirt thu rium", ors a' ministeir, "gu robh e cho laidir", ors esan, "gu slaodadh e 'n Diabhal?"
"O thubhairt," ors an ceard, "ach tha e slaodadh da dhiabhal an drasda."
(Seanchaidhe: Domhnall Mac Aoidh, Aird a' Mhachaire, Uibhist a Deas)

Tags: